Duaisean do sgoilearan sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Màiri NicIain agus a teaghlachTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri NicIain agus a teaghlach

'S iad Màiri NicIain à Sgoil Lìonacleit agus Luke MacLeòid à Sgoil MhicNeacail a choisinn duaisean Urras Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhairt 2022.

Dh'aontaich na h-urrasairean uile gur i Màiri NicIain a bu mhotha a bha airidh air an duais airson obair air leth.

Thuirt iad gur e tè a bh' innte a rinn obair mhòr airson 5 comharran A sna deuchainnean Àrd-Ìre a chosnadh ann am bliadhna sgoile a bha air leth dùbhlanach air sgàth a' phandemic.

Choisinn i cuideachd duais CREST a thèid a bhuileachadh air oileanaich a rinn adhartas mòr ann an cuspairean saidheans agus teicneòlais, STEM.

Màiri NicIain agus Ceannard Comhairle nan Eilean SiarTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri NicIain a' faighinn a duaise bho Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, An Còmh. Pòl Steele

Thuirt Gordon Young, Ceannard Sgoil Lìonacleit, gun robh iad air an dòigh gun deach an duais a thoirt do Mhàiri: "Tha Màiri gasta agus èasgaidh mun a h-uile càil sa bheil i an sàs agus 's e sgoilear air leth a th' innte.

"Tha i fileanta sa Ghàidhlig agus 's e tosgaire air leth a th' innte airson Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig."

Duais na Gàidhlig

Chaidh an duais airson a' Ghàidhlig a thoirt air adhart a bhuileachadh air Luke MacLeòid à Sgoil MhicNeacail airson na rinn esan a thaobh a' chànain anns an sgoil agus sa choimhearsnachd.

Tha e air pàirt a ghabhail aig mòdan, Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean agus ann an Café Beartais.

Luke MacLeòid agus Coinneach MacLeoid, Fear-gairm Comhairle nan Eilean SiarTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, An Comh. Coinneach MacLeòid, a' toirt seachad na duaise do Luke MacLeòid

Rinn e bhideo airson taic a thoirt do chloinn a tha a' gluasad bhon bhun-sgoil dhan àrd-sgoil agus rinn e filmichean goirid do Stòras Leanne agus FilmG.

Thuirt Fiona Choineagan bho Sgoil MhicNeacail: "Bha na sgilean aig Luke a thaobh bruidhinn, leughadh agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig gu math follaiseach bhon thòisich e san sgoil.

"Ghabh e gach cothrom an cànan a chleachdadh nuair a b' urrainn dha taobh a-muigh agus taobh a-staigh na sgoile."

A' cur meala-naidheachd air Màiri agus Luke thuirt Mairead Mhàrtainn, Cathraiche Urras Dhòmhnaill Stiùbhairt, gun robh iad a' guidhe gach soirbheachais dhan dithis aca airson an àm ri teachd.

Luke MacLeoid, Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar agus Urrasairean Urras Dhòmhnaill StiùbhairtTùs an deilbh, Comhairle nn Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Urrasairean Urras Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhairt, Iain MacAmhlaigh agus Lesley Ghreumach, Luke MacLeòid agus Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid