Fireannach air bàsachadh ann an ionnsaighean san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Carbad-eiridinn

Dhearbh Poileas Alba gun deach duine a mharbhadh agus triùir a ghoirteachadh às dèidh grunn thachartasan ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Thuirt na poilis gun deach fios a chur thuca goirid ro 09:00m Diciadain a dhol gu dachaigh ann an Tarsgabhaig agus aithris gu robh boireannach, 32, air a leòn gu dona.

Chaidh iad an uairsin a ghairm aig 09:30 gu tachartas mu ochd mìle air falbh - ann an Teanga san Eilean Sgitheanach.

Thuirt na poilis gun deach gunna a losgadh agus gun do bhàsaich fireannach, 47, aig an làraich.

Nas fhaide dhen mhadainn, chaidh na poilis a ghairm gu tachartas eile air an Dòrnaidh, ann an sgìre Loch Aillse, far an deach gunna a losgadh cuideachd.

Chaidh fireannach a dhroch leòn agus chaidh a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir, ann an Inbhir Nis.

Chaidh boireanach a leòn cuideachd agus chaidh ise a thoirt gu Ospadal An Ath Leathainn.

Thugar am boireannach a chaidh a ghoirteachadh ann an Tarsgabhaig gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid.

Tarsgabhaig
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na poilis a ghairm an toiseach gu tachartas ann an Tarsgabhaig

Thuirt na poilis gu bheil ceangal eadar na tachartasan agus gun deach fireannach, 39, a chur an grèim.

Chaidh esan a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir.

Thuirt an t-Àrd Superintendent Conrad Trickett: "'S ann fìor ainneamh a bhios tachartasan mar seo ann, ach tha mi a' tuigsinn gum bi buaidh fìor mhòr air a' choimheasnachd.

"Bu mhath leam a ràdh gu bheil sinn dhen bheachd gu bheil na tachartasan seo seachad agus nach eil am poball ann an cunnart.

"Bidh na poilis an làthair san sgìre sna làithean ri thighinn agus bidh sinn ag obair le seirbheisean eile gus taic a chumail ris a' choimhearsnachd."

An Dòrnaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt na poilis gu robh na rannsachaidhean aca air an Dòrnaidh agus anns an Eilean Sgitheanach a leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo