Dòchas aig Taigh Dubh Àrnoil mu sheusan turasachd na bliadhna seo
Tha tè de na làraichean as ainmeile ann an Leòdhas - An Taigh Dubh ann an Àrnol - a' fàs nas trainge a-rithist.
Le àrdachadh anns an àireimh de shoithichean-turais a tha a' tadhal air an eilean, tha dùil ri seusan turasachd nas làidire am-bliadhna, le cothrom ann gun teid barrachd luchd-obrach fhastadh.
Tha tuilleadh aig Ailig John Moireasdan.