Deasbad aig CNES mu phlanaichean taigheadais

Gheibh Comhairle nan Eilean Siar dìreach dà bhliadhna airson còrr is £40m a chosg a' togail thaighean, air neo bidh aca ris an t-airgead a thilleadh gu Riaghaltas na h-Alba.

Tha a' chomhairle a' suileachadh pàirt dhe a chosg a' togail suas ri 200 dachaidh ùr mu thimcheall Steòrnabhagh.

Ach tha dragh air cuid de chomhairlichean nach eil barrachd thaighean gan togail ann an sgìrean dùthchail.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.