Dragh mu chion sheirbheis fiaclaireachd

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil planaichean aca ionad fiaclaireachd fhosgladh sa Chaol, sia mìosan bho dhùin an t-ionad a bh' ann a' fàgail muinntir Loch Aillse gun seirbheis fiaclaireachd san sgìre.

Tha dragh ann mun bhuaidh a tha seo a' toirt air daoine san sgìre, agus gu h-àraidh air slàinte dhaoine òga.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.