Pàrlamaid Chloinn 'ic Leòid
Cleas nam Pàrlamaid aig Holyrood agus Westminster tha a' sgaoileadh 'son an t-samhraidh b' e an-dè cuideachd an latha mu dheireadh de Phàrlamaid Chloinn 'ic Leòid a bha air a bhith a' dol fad na seachdainn seo ann an Dùn Bheagain.
Tha Leòdaich bho air feadh an t-saoghail a' cruinneachadh a h-uile ceithear bliadhna airson seachdainn de dh' òraidean, cuairtean agus tachartasan eile.
Am measg a chuideachd fhèin, bha am fear-naidheachd againne, Alasdair MacLeòid.