Barrachd phròiseactan ath-fhiadhachaidh a dhìth
Bu chòir barrachd phròiseactan ath-fhiadhachaidh a stèidheachadh air Ghàidhealtachd agus air feadh na dùthcha.
Sin a-rèir am fear-iomairt àrainneachdail is presenter telebhisean, Chris Packham.
Tha e air tadhal air Ionad Ath-fhiadhachaidh Dhùn Dhreagain faisg air Loch Nis an t-seachdain seo.
Thuirt Mgr Packham gu bheil pròiseactan ath-fhiadhachaidh na chuideachadh gus sgìrean a dhìon bho thuiltean mar a tha Fionnlagh MacIllinnein a-nise ag aithris