Sgioba iomain nam ban an Èirinn
Tha sgioba Camanachd nam Ban aig Alba ann an Èirinn air thoiseach air an dà gheama eadar-nàiseanta a th' aca am bliadhna.
Cluichidh iad sgioba thaghte taobh siar Corcaigh Dihaoine, le sgioba Carbery Camogie romhpa an uair sin Disathairne.
Ri linn Covid, tha greis bho chaidh na geamaichean seo a chluich, 's mar sin chan eil mòran eòlais aig na h-Albannaich mu dè tha air thoiseach orra.