An t-Eilean Sgitheanach ga chur air adhart airson inbhe Phàirce Nàiseanta
Dhearbh comhairlichean Sgitheanach Diluain gun tèid an t-eilean a chur air adhart airson inbhe mar Phàirce Nàiseanta.
Tha Riaghaltas na h-Alba airson co-dhiù aon phàirce nàiseanta ùr a chruthachadh.
Chaidh ceistean a thogail ge-tà mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an lùib na h-inbhe air croitearachd san eilean.
Seo Alasdair MacLeòid.