Cobhair air triùir iasgairean deas air Eilean Ì

MV Loch BuieTùs an deilbh, Geograph/Ian Capper
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an MV Loch Buie a fhreagairt gairm airson cuideachaidh, 's chaidh aiseag Eilein Ì a chur dheth rè ùine ri linn

  • Air fhoillseachadh

Rinneadh cobhair air triùir an dèidh do bhàt-iasgaich a dhol ann an duilgheadas faisg air Muile.

Bha na Maoir-Chladaich, an RNLI agus heileacoptair teasairginn an sàs san iomairt.

Chaidh fios a chur air na Maoir-Chladaich mu 08:15m Dihaoine gun robh an soitheach air tòiseachadh a' gabhail uisge mu chòig mìle deas air Eilean Ì.

Chaidh heileacoptair teasairginn à Preastabhaig agus bàtaichean-teasairginn às an Òban agus Ìle a chur chun na làraich.

Chaidh brath a chur a-mach airson soithichean a bha san sgìre cuideachadh a thabhainn.

Fhreagair an MV Loch Buie aig CalMac a' ghairm sin, agus chaidh seirbheis aiseig Eilein Ì a chur dheth rè ùine ri linn.

Thuirt na Maoir-Chladaich gu bheil an soitheach agus an triùir chriutha gan toirt dhan Òban.