Dùil ri fear-gunna sa chùirt

Na Poilis an làthair aig taigh ann an Slèite Tùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gu nochd fireannach anns an àrd-chùirt ann an Glaschu Diardaoin co-cheangailte ri sreath de ionnsaighean gunna anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Cinn t-Sàile.

Tha Fionnlagh Dòmhnallach fo chasaid gun do mhuirt e John MacFhionghain, 47 bliadhna de dh'aois, agus gun do dh'fheuch e ri triùir eile a mhurt.

Thachair na h-ionnsaighean ann an Slèite, agus anns an Dòrnaidh air tìr-mòr, anns an Lùnastal an-uiridh.