Dragh às ùr mu ghainnead uisge

- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA, ag ràdh gu bheil gainnead uisge, gu ìre air choireigin, a' bualadh air a h-uile sgìre an Alba.
Thuirt a' bhuidheann nach do rinn frasan troma is sgaipte anns na làithean mu dheireadh cus feum.
Dh'innis iad gum bi an treas cuid de dh'Alba aig an ìre às àirde èiginn aca ro dheireadh na mìos mura tig barrachd uisge.
Tha sgìre Loch Ma-Ruibhe mar-thà air an ìre sin a ruighinn.
Thàinig air Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh dùnadh tràth Dihaoine le cion an uisge agus tha sgìrean eile ann am am Port Rìgh gun uisge.
Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh trioblaid le siostam uisge na sgìre, taobh a-muigh.
Dh'innis iad gum feum iad cuideachd ceumannan a ghabhail 'son uisge a chumail ri sgìre an Àth-Leathainn agus an t-Srath an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.