Rannsachadh ro leasachadh Chiseoirn

Doca Tioram ChiseoirnTùs an deilbh, Colin Keldie
  • Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh a' dol fon mhuir air thoiseach air leasachadh mòr air doca tioram Chiseoirn air taobh siar Rois.

Chaidh luchd-cùmhnant speisealta fhastadh le Port Chiseoirn Earranta, leis a bheil an doca, airson a' chiad earrainn den phròiseact, luach £2.4m.

Fhuair iad taic £500,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Thèid am maoineachadh sin a chur mu choinneimh dealbhachaidh agus chosgaisean tagraidh, nam measg sgrùdaidhean einnsinnìreachd mara, agus rannsachadh air grunnd na mara.

Tha dùil aig a' phort gum faodadh suas ri 1,000 cosnadh a bhith air an cruthachadh aig an làraich ri linn an leasachaidh seo.

"An dèidh na h-obrach seo, bidh am port ann an suidheachadh obrachadh a-mach dè na chosgas an leasachadh aca san àm ri teachd," thuirt Manaidsear Sgìreil Loch Abair, An Eilein Sgitheanaich is Ros an Iar aig HIE, Alasdair MacNeacail.

"Dh'fhaodadh sin àireamh mhòr de chosnaidhean a chruthachadh thairis air grunn roinnean eaconomach air a' chosta an iar.

"Fàgaidh sin an eaconomaidh nas seasmhaiche, agus brosnaichidh e in-ionmhas a bharrachd ann an taigheadas, bun-structair rathaidean, seirbheisean coimhearsnachd agus an leithid.

"Bu chòir gum bi Ros an Iar air a cheangal nas fheàrr, nas seasmhaiche agus fiù 's nas fheàrr mar àite-còmhnaidh ri linn," thuirt e.