Dragh mu reòthadh na cìse comhairle

- Air fhoillseachadh
Nochd Comhairle na Gàidhealtachd dragh mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba gus cìs na comhairle a reòthadh.
Tha ceannard na comhairle air sgrìobhadh chun Riaghaltais mu dheidhinn - is thuirt an ceannard dùbhlanach nach bu chòir do mhinistearan a dhol an-sàs ann an gnothaichean nan ùghdarrasan ionadail.
Chuala comhairlichean gu bheil dùbhlan mòr ron ùghdarras le toll suas ri £70m airson na h-ath-bhliadhna ionmhais, ag èirigh gu còrr is £100 san ath thrì bliadhna.
Bha mì-thoileachas mòr mu phlana Riaghaltas na h-Alba gus cìs na comhairle a reòthadh.
Thuirt ceannard na comhairle, Raymond Bremner, a tha fhèin a' riochdachadh an SNP, gu bheil e a' tuigsinn gu bheilear airson an sluagh a dhìon aig àm nuair a tha cosgaisean ag èirigh, ach gum bu chòir gum bi e an urra ri comhairlean co-dhùnadh dè na ceumannan a ghabhas iad.
Sgrìobh e chun riaghaltais a' nochdadh iongnadh - is e a' sireadh soillearachaidh am bi taic airgid ann dhan chomhairle mu choinneamh nam planaichean.
Chaidh an ceannard dùbhlanach, an Lib Deamach Alasdair Christie, nas fhaide.
Bha e ag ràdh gum bu chòir iarraidh air an Riaghaltas gu h-oifgeil gun a bhith a' dol an-sàs ann an obair nan ùghdarrasan ionadail.