A' Mhargaidh Bhictorianach nas trainge

A' Mhargaidh Bhictorianach
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil barrachd dhaoine air a bhith a' tadhal air a' Mhargaidh Bhictorianaich ann an Inbhir Nis bho chaidh leasachadh a dhèanamh air.

Chaidh £2m a chosg air a' mhargaidh ann am meadhan a' bhaile.

Tha aithisg ùr ag innse mar a chaidh plana gnìomh a stèidheachadh ann an 2017 gus a' mhargaidh a chur air adhart mar ionad gnothachais feuch barrachd dhaoine a thàladh a-steach a mheadhan Inbhir Nis.

Mar phàirt den leasachadh, chaidh aontachadh gum bu chòir talla-bìdh a stèidheachadh sa mhargaidh is dh'fhosgail an goireas ùr san t-Sultain an-uiridh.

A rèir na h-aithisg, tha barrachd dhaoine air a bhith a' cur na margaidh gu feum bhon uairsin is uairean-fosglaidh nas fhaide ann cuideachd.

Tha i ag ràdh gu bheil daoine a-nise a' tighinn chun na margaidh 'son a bhith ag ithe biadh aig àrd-ìre, a thuilleadh air 'son a dhol dha na bùthan.

Falamh

Thuirt an aithisg cuideachd gu bheil margaidheachd an ionaid air a bhith soirbheachail.

Thathas ag aideachadh ge-tà, gu bheil grunn de na h-aonadan san talla-bìdh fhathast falamh is an aithisg ag ràdh gur e suidheachadh eaconomach doirbh nas fharsainge as coireach.

Thathas mar sin a' tabhainn bliadhna gun mhàl sa chiad dol a-mach do ghnothachasan a tha a' tighinn a-steach dhan mhargaidh.

Tha an aithisg ag innse gu bheil a' chomhairle misneachail gun tèid aca air na h-aonadan air fad a lìonadh air a' cheann thall.