Riaghaltas na h-Alba air bhòtadh an aghaidh stòras-taice aiseig

- Air fhoillseachadh
Bhòt Riaghaltas na h-Alba an aghaidh taic-airgid a thoirt do ghnothachasan nan eilean ri linn staing nan aiseagan.
Bha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba air gluasad a thoirt air adhart gus stòras-airgid a chruthachadh gus taic a chumail ri gnothachasan a tha a' fulang nuair a tha troimh-chèile ann an lìonra ChalMac.
'S e am moladh a bh' aca gun tigeadh an stòras bho na càintean a tha a' dol air CalMac nuair a tha iad a' briseadh a' chùmhnaint aca.
Ged a tha trioblaidean air a bhith ann air feadh lìonra ChalMac, tha mì-thoileachas gu seachd àraid ann an Uibhist a Deas an-dràsta 's an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig air a tarraing gu deireadh na mìos.
Tha gnothachasan air a bhith ag innse gu bheil call mòr a' tighinn orra is chaidh fianais a thogail air Cidhe Loch Baghasdail nas tràithe air a' mhìos.
San deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain, thuirt fear-labhairt ionmhais nan Làbarach, Mìcheal Marra, gu bheil an SNP air "fàiligeadh gu h-uamhasach" a thaobh seirbheisean aiseig do dh'eileanan is gu bheil seo "a' cur às do ghnothachasan is coimhearsnachdan".
Thuirt Mgr Marra gun do chruthaich an riaghaltas an staing is gur e "ceum beag a dh'ionnsaigh cùisean a chur ceart" a bhiodh ann an stòras-taice.
Air a' cheann thall, chuir an SNP atharrachadh air adhart, taobh a-muigh gus stòras-taice a thoirt às a' ghluasad agus na àite gun robh Pàrlamaid na h-Alba ag aithneachadh gu bheil troimh-chèile aiseig a' toirt droch bhuaidh is gu bheil cuid de choimhearsnachdan a' fulang gu sònraichte.
Le taic bhall an SNP is nan Uaineach, BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan nam measg, chaidh sin troimhe 64 gu 53.
"Maslach"
Bha Riaghaltas na h-Alba air innse nas tràithe air an là gun robh crathadh a' tighinn air cùisean a thaobh còmhdhail sa chaibineat.
Chaidh Fiona Hyslop ainmeachadh mar mhinistear ùr na còmhdhail is chaidh am facal 'còmhdhail' a chur gu h-oifigeil ann an tiotal na h-obrach aig Màiri NicAilein, an rùnaire caibineit air an robh dleastanas air a son mar-thà.
Thuirt an riaghaltas gu bheil dleastanas 'son na h-eaconomaidh uaine a' gluasad bho Ms NicAilein gu Ridseard Lochhead gus an urrainn dhi a dhol an sàs barrachd ann an còmhdhail, is gu bheil, mar sin, dreuchd na còmhdhail air ais aig ìre caibineit.
Dh'innis Màiri NicAilean san deasbad gu bheil plana aice gnothaichean a leasachadh.
"Tha mi 'son plana gnìomh a thoirt air adhart gus seirbheisean aiseig a neartachadh. Feumaidh sinn dèiligeadh ris an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta nuair a tha seirbheisean fo uallach, is feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil an suidheachadh doirbh a tha sin cho goirid 's a ghabhas le a bhith a' cur ri cabhlach ChalMac", thuirt i.
Cha deach sin idir fada gu leòr gus na pàrtaidhean dùbhlanach a riarachadh.
Thuirt fear-labhairt còmhdhail nan Tòraidhean, Graham Simpson, gur e cùis-nàire a bh' ann.
"'S iad an riaghaltas a-mhàin as coireach airson seo agus nuair a tha daoine ann an staing ri linn a' bhùraich a th' ann, bu chòir dhan riaghaltas airgead-dìolaidh a thoirt dhaibh. Tha e cho sìmplidh sin.
"Tha an t-atharrachadh a rinn an riaghaltas maslach, tha e a' toirt às iomradh sam bith air stòras-taice. Bidh eileanaich a tha a' coimhead an-dràsta feargach", thuirt e.
Bho na Lib Deamaich, thuirt Beatrice Wishart gun robh freagairt an riaghaltais a' sealltainn nach eil iad a' toirt feart air crìonadh-sluaigh.