Deugaire air a dhroch leòn an dèidh ionnsaigh aig Belladrum

Belladrum
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis airson bruidhinn ri fireannach a dh'fhàg deugaire air a dhroch ghoirteachadh aig fèis chiùil Bhelladrum.

Bha an duine, a bha geal, eadar aois 30 agus 40, meadhanach mòr le falt donn agus bun feusaig, còmhla ri triùir chloinne aig an àm.

Chaidh fear, 18, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis an dèidh an tachartais aig an làraich campachaidh dheirg mu 02:30 La na Sàbaid.

Chaidh an fhèis chiùil a chumail faisg air a' Mhanachainn thairis air an deireadh-sheachdain.

Thuirt an Det Conastabul Ceit Fhionnlastan: "Tha an sgrùdadh againn a' leantainn agus dh'iarrainn air duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air buaireadh sam bith fhaicinn neo chluinntinn thighinn air adhart."