Mapachadh litreachas na Gàidhlig

Leabhraichean Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Tha Alba Chruthachail a' sireadh neach neo buidheann a dhealbhaicheas mapa dhaibh de shaoghal litreachais na Gàidhlig.

Tha iad airson 's gun tèid an goireas a chleachdadh le buidhnean a tha a' lìbhrigeadh thachartasan litreachais ach am bi fios aca cò na sgrìobhadairean Gàidhlig a tha a' còmhnaidh 's na sgìrean aca.

Tha iad an dòchas gun cuidich seo le a bhith a' cliùthachadh sgrìobhadairean Gàidhlig agus an cànan fhèin.

"'S e pròiseact a th' ann airson a bhith a' mapachadh saoghal an litreachais agus fèisean litreachais Gàidhlig air feadh na duthcha," thuirt oifigear Gàidhlig Alba Chruthachail, Anna NicGuaire.

"Tha sinn a' sireadh cuideigin airson rannsachadh a dhèanamh air na th' ann de chothroman aig fèisean litreachais do sgrìobhadairean Gàidhlig, agus a' lorg dè na dòighean anns an urrainn daoine a tha air cùl nam fèisean litreachais taic a chur ris a' Ghàidhlig agus ri sgrìobhadairean Gàidhlig.

'"S ann airson neach no buidheann aig a bheil na sgilean rannsachaidh freagarrach airson an t-seòrsa obrach seo a dhèanamh.

Alba Chruthachail

"Tha sinn ag iarraidh cuideigin a bhios comasach rannsachadh domhain a dhèanamh agus an fhianais sin a thogail ri chèile, agus cuideigin aig a bheil an t-eòlas freagarrach air cultar na Gàidhlig agus saoghal cruthachail na Gàidhlig, agus cuideachd a tha a' tuigsinn nam feumalachdan aig fèisean leabhraichean cuideachd.

"Tha cothroman ann airson sgrìobhadairean agus daoine aig a bheil a' Ghàidhlig aig fèisean litreachais, agus tha sinn ag aithneachadh cuideachd gu bheil uaireannan daoine a th' air cùlaibh fèisean nach eil tric eòlach air saoghal na Gàidhlig agus saoghal an litreachais Ghàidhlig.

"Tha beagan taice 's dòcha, no stiùireadh fiù 's, a dhìth orra 'son dèanamh cinnteach gu bheil iad a' faireachdainn misneachail mu na dòighean anns an urrainn dhaibh sgrìobhadairean Gàidhlig a chur air àrd-ùrlar agus a bhith ag obair leis a' chultar agus leis a' chànan.

"Tha sinn an dòchas gum bi cothroman a bharrachd do sgrìobhadairean Gàidhlig, agus cuideachd gum bi na daoine a tha a' ruith nam fèisean a' faireachdainn earbsach mu na dòighean anns an urrainn dhaibh a bhith ag obair còmhla ris a' Ghàidhlig, agus còmhla ris na sgìobhadairean cuideachd," thuirt i.

Gheibhear fiosrachadh mun phròiseact air làrach-lìn Alba Cruthachail., taobh a-muigh