Rannsachadh poblach ga iarraidh mun A9

A9Tùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha feadhainn a tha ag iomairt airson sàbhailteachd nas fheàrr air an A9 ag ràdh gu bheil feum air rannsachadh poblach mun dàil air obair-leasachaidh air an rathad.

Dh’aidich Riaghaltas na h-Alba nas tràithe am-bliadhna nach biodh an rathad eadar Peairt is Inbhir Nis dà-fhillte ro 2025, mar a bha iad air gealltainn bho thùs.

Thuirt Comann Einnseanairean Togail na h-Alba an t-seachdain seo gun robh fios aca bho chionn iomadh bliadhna nach gabhadh an targaid sin a choileanadh, is iad ag ràdh gun robh adhartas na h-obrach air a bhith "glacial".

Cluinnidh Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba Diciadain bhon bhuidhinn A9 Dual Action Group.

Tha iadsan ag ràdh gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith ann.

"Tha sinn airson is gum bi seo na phrìomhachas bho seo a-mach", thuirt Laura Hansler bhon bhuidhinn.

"Chan e rathad beag iomallach a tha seo - seo cnàimh-droma na h-Alba.

"S e am prìomh amas a bhios againn gum bi an dà chuid rannsachadh aig ìre na pàrlamaid agus rannsachadh poblach ann.

"Chan eil gnothaichean a' gluasad is chan eil clàr-ama againn 'son na h-obrach, feumaidh am poball freagairtean fhaighinn", thuirt i.

Thuirt an riaghaltas sa Chèitean gu bheil làn dùil aca an A9 eadar Peairt is Inbhis Nis a dhèanamh dà-fhillte is gu bheil dùil gun tèid fiosrachadh ùr a thoirt seachad sa phàrlamaid as t-fhoghar.