Coimhearsnachdan a' feitheamh fios mu phlanaichean ChalMac

- Air fhoillseachadh
Tha coimhearsnachdan air a' Chosta an Iar a' feitheamh fios bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn mu phlanaichean ùra na companaidh airson clàr-ama a' Gheamhraidh.
Dh'aidich CalMac an t-seachdain seo chaidh gum bi an tuilleadh troimh-chèile ann le seirbheisean is iad air dearbhadh gur dòcha nach till an MV Caledonian Isles gu seirbheis a-nise gu deireadh a' Mhàirt.
Tha an t-aiseag, a bhios a' seòladh eadar Àird Rosain is Brodhaig, air a bhith a-mach à seirbheis bhon Ghearran.
Bha dùil gum biodh i air ais ron seo ach chaidh trioblaidean ùra a lorg nuair a bha i san doc.
A thuilleadh air sin, tha an Hebridean Isles gu bhith a' fàgail lìonra ChalMac is chan eil fios fhathast cuine thig an Glen Sannox a-steach a sheirbheis.
"Bha dùil againn ri geamhradh dùbhlanach agus 's e sin a tha a' tachairt," thuirt àrd-oifigear eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackison, nuair a thàinig e am bàrr gun robh duilgheadasan ùra leis an Caledonian Isles.
"Bidh troimh-chèile ann an cuid de dh'àitichean ri linn cho-dhùnaidhean sam bith a nì sinn air sgàth na naidheachd seo, is gheibh sinn a-nise beachd choimhearsnachdan air an t-slighe air adhart."
Tha dùil gun cluinn coimhearsnachdan Diciadain dè dìreach an t-slighe a tha CalMac air taghadh is cò gu sònraichte air an toir e buaidh.