Dithis a' dol às àicheadh murt is tràilleachd sa Chaol

An t-Àrd-Chùirt ann an Dùn ÈideannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha fireannach is boireannach air a dhol às àicheadh gun do mhuirt iad duine ann an Caol Loch Aillse 's gun do chùm iad e na thràill fad dà bhliadhna.

Thòisich a' chùis aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Diciadain.

Thathas a' fàgail air Mìcheal Joyce, 33, agus Antonia Ghunnach, 28, gun tug iad ionnsaigh air Mìcheal MacGilleBhàin, 61, air an 22na no an 23mh là den Ghiblean an-uiridh aig taigh sa Chaol, ga mhurt.

Tha iad cuideachd fo chasaid gun robh iad ri eucoir cùiltearachd dhaoine, le bhith a' cumail Mhgr MhicGhilleBhàin ann an tràilleachd eadar 1mh an Cèitean 2021 agus an 23mh an Giblean an-uiridh.

A rèir aithris dh'innis iad dha airgead a chur dha na cunntasan banca aca, agus iomairt laghail a thòisicheadh mu reic na dachaigh aige sa bhaile.

Tha iad cuideachd fo chasaid gun tug iad a chreid gun do lorg iad corp Mhgr MhicGhilleBhàin, 's gun robh e air làmh a chur na bheatha fhèin.

Tha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chùis, mu choinneimh na Bana-mhorair Poole, a' leantainn.