Cathraiche ùr air Caidreachas na Croitearachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh cathraiche ùr ainmeachadh do Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.
Bidh Jonathan Hedges ri croitearachd ann an Sgìr' Raoghaird ann an Cataibh, 's tha e air a bhith air bòrd na buidhne airson ceithir bliadhna, 's e air a bhith na bhall den chaidreachas o chionn fhada.
Tha e a' gabhail thairis na dreuchd bho Dhòmhnall MacFhionghain.
"Tha siostam ùr taice àiteachais ga leasachadh airson Alba agus sinn a-niste air an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Feumaidh croitearachd a bhith air a riochdachadh, gu h-àraid a thaobh taic do chroitean nas lugha agus sgìrean nas dùbhlanaiche," thuirt e.
"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gun tig croitearan còmhla fon aon bhratach airson dìon a chur air an cuid chòraichean.
"Bheir èiginn na gnàth-shìde buaidh mhòr air a h-uile rud a bhios sinn a' dèanamh, agus tha pàirt cudromach aig croitearan ri chluich, le eachdraidh fìor mhath againn a thaobh an àrainneachd againn a làimhseachadh.
"'S ann fo riaghailtean croitearachd a tha cuid mhath den fhearann as prìseile an Alba a thaobh nàdair, mar eisimpleir a' mhachaire, a tha aithnichte airson bith-iomadachd do-chreidsinnich, agus talamh mòintich, a tha air an èiceo-shiostam as fheàrr airson càrbon a ghlèidheadh.
"Tha croitearachd a' tòiseachadh ann an deagh shuidheachadh, ach tha an-còmhnaidh barrachd a ghabhadh dèanamh airson na tha sinn a' sgaoileadh de ghasaichean càrboin a lùghdachadh, leithid a bhith a' càradh talamh mòintich, a' cur measgachadh de stoc air ionaltradh farsainn, agus a bhith a' cur chraobhan sgapte. Siud dìreach cuid de na dòighean air am faod croitearan cuideachadh," thuirt e.