Ionad Faclair na Gàidhlig air a chur air bhonn

Faclairean
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Ionad Faclair na Gàidhlig a chur air bhonn aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Dh'fhoillsich Bòrd Stiùiridh Fhaclair na Gàidhlig làrach-lìn ùr cuideachd.

Tha am pròiseact ag amas air faclair a chruthachadh a nì làn-iomradh air a' Ghàidhlig agus a h-eachdraidh le bhith a' lorg freumh gach facail bhon riochd sgrìobhte a bu thràithe chun an là an-diugh.

Tha eòlaichean cànain a' cur ri chèile an fhaclair a' cleachdadh mhodhan-obrach coltach ri Oxford English Dictionary (OED) agus Dictionary of the Older Scottish Tongue (DOST).

A bharrachd air siostam agus sgioba faclaireachd a leasachadh agus a bhith a' cur ri na tha anns an fhaclair, tha an luchd-obrach air a bhith a' dealbhachadh an t-siostaim às-earrainn agus sgrìobhaidh aca fhèin, Meanma.

Seallaidh seo an doimhneachd de dh'obair air cùl gach facail a tha a' nochdadh san fhaclair.

Cur air bhonn Ionad Faclair na GàidhligTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
Fo-thiotal an deilbh,

Cur air bhonn Ionad Faclair na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig

Tha grunn bhuidhnean ag obair còmhla air a' phròiseact: Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta airson Cultar agus Cànan na Gàidhlig, Oilthighean Obair Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Shrath Chluaidh.

Tha an t-ionad air a mhaoineachadh le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt An Dr Gillian Rothach, Prìomh-sgrùdaire dha Faclair na Gàidhlig, gur e clach-mhìle chudromach a bh' ann a bhith a' stèidheachadh ionaid airson an obair a leantainn gus sàr fhaclair barraichte na Gàidhlig a thoirt gu buil.

"Tha sinn an comain nam prìomh sponsairean againn, Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, airson an cuid taic riatanach a leig leinn na clachan-mìle seo a ruighinn," thuirt i.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: "'S e ceum mòr a tha seo airson Faclair na Gàidhlig, pròiseact ris a bheil Bòrd na Gàidhlig toilichte a bhith comasach taic a chumail.

"Bidh an làrach-lìn agus an t-ionad nan deagh ghoireasan do mhuinntir na Gàidhlig agus luchd-obrach a’ phròiseict."

Gheibhear fiosrachadh mun fhaclair an seo. , taobh a-muigh