Casaidean muirt mu choinneamh dithis às dèidh bàis sa Chaol

Oifigear poilis
  • Air fhoillseachadh

Chaidh casaid muirt a chuir mu choinneamh dithis ann an co-cheangail ri bàs fireannaich ann an Chaol Loch Aillse.

Bhàsaich fear, aois 61 bliadhna, aig taigh air Rathad a' Pluic anns a’ Chaol Didòmhnaich an 23mh den Ghiblean.

Nochdaidh an dithis, fireannach aois 31, agus boireannach, 26, ann an Cuirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.