£4m airson pròiseactan Gàidhlig

airgid
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh gum faigh còig pròiseactan co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig £4m.

Thàinig an taic bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig 2023-24 aig Riaghaltas na h-Alba.

Am measg nam pròiseactan a gheibh taic, tha hub ùr a thèid a stèidheachadh aig Ionad Chaluim Chille an Ìle far am faigh daoine bogadh airson a' chiad uair san t-saoghal ann an cànan tùsanach gu bhiortail.

Le a bhith a' cleachdadh teicneòlas fìor ùr, gheibh daoine an cothrom Gàidhlig ionnsachadh ann an dòigh gu math eadar-dhealaichte.

Tha dùil gun tèid crìoch air a' chiad ìre den phròiseact seo san Dàmhair 2023 le taic de £228,795.

Ionnsachadh

Thèid taic a thoirt dha na pròiseactan a leanas cuideachd:

  • Ionad airson Gàidhlig ionnsachadh sa choimhearsnachd a chruthachadh ann am Bun-sgoil Lìonail ann an Eilean Leòdhas - £1.25m

  • Aonad Gàidhlig a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Bhruaich nan Dealgan ann an Siorrachd Rin Friù an Ear - £670,000

  • Agus 4 seòmraichean ùra aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu:£950,000 agus a dhà aig Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar - £900,000.

Iarrtas

A’ bruidhinn ’s i air turas a Steòrnabhagh, thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth:

"Tha e follaiseach gu bheil iarrtas airson foghlam Gàidhlig a' fàs air feadh Alba agus tha na pròiseactan a tha sinn air a thaghadh a' dèanamh cinnteach gu bheil taic ann airson an iarrtais sin," thuirt i.

" Togaidh sinn air soirbheachas foghlaim Gàidhlig nuair a chuireas sinn Bile nan Cànanan Albannach air beulaibh na pàrlamaid," thuirt Ms Gilruth.

Toilichte

Thuirt Stiùiriche Foghlaim, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar, Uilleam Dòmhnallach:

“Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte a bhith ag obair còmhla le Riaghaltas na h-Alba gus Sgoil Lìonail ann an Leòdhas a leasachadh, le prìomhachas air coimhearsnachd Ghàidhlig a thogail san sgoil," thuirt e.

"Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha is ris a’ choimhearsnachd gus am pròiseact air leth seo a thoirt air adhart," thuirt Mgr Dòmhnallach.