Prògram Mòd Phàislig ga fhoillseachadh

Suaicheantas Mhòd Phàislig 2023
  • Air fhoillseachadh

Tha tachartas le cànan soidhnidh Bhreatainn, cèilidh iomadh chultarach, cuairt nàdair agus cuirm mhòr leis a' chomhlan-chiùil Niteworks am measg na bhios a' dol aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna.

Dh'fhoillsich An Comunn Gàidhealach am prògram aca airson a' Mhòid, a thèid a chumail ann am Pàislig eadar an 13mh agus an 21mh den Dàmhair.

Tha dùil ri na ceudan luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlaran, ann an tallachan agus leabharlannan ann an còrr air 20 ionad cruinneachaidh sa bhaile agus san sgìre mu chuairt.

Bidh mòran de na tachartasan ann an Talla-bhaile Phàislig a bhios air ùr sgeadachadh agus obair-leasachaidh luach £22m ga dhèanamh air an-dràsta.

Thèid an fhèis a chur a dhol Dihaoine an 13mh den Dàmhair le cuirm fhosglaidh san talla bhaile leis a' chòmhlan Breabach.

An ath oidhche thèid tàlant òg Shiorrachd Rinn Friù agus na sgìrean mu chuairt a thaisbeanadh aig Ar Cànan 's Ar Ceòl.

Bidh òirgridh Fèis Phàislig agus Còmhlan Pìobaireachd Sgoiltean Siorrachd Rinn Friù, Còisir Ghàidhlig Ghlaschu, Còmhla Pìobaireachd Chill Bhearchain cuide ri Ainsley Hamill, Deirdre Ghreumach, Joy Dunlop, Jenna Reid agus Harris Playfair uile air an àrd-ùrlar.

Luchd-ciùil agus dannsair

Cumar cuirm shònraichte tron t-seachdain a' comharrachadh leabhar ùr a chaidh fhoillseachadh na bu thràithe air a' bhliadhna.

Tha Frances Tolmie: Gun Sireadh Gun Iarraidh a' tarraing ri chèile cruinneachaidhean Tolmie de dh'òrain Ghàidhlig.

Cuide ri Kenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill, a dheasaich an leabhar, bidh grunn sheinneadairean eile a' gabhail cuid de na h-òrain.

Bidh cothrom a bhith air a' bhlàr-a-muigh le Alasdair MacIlleBhàin a bhios a' toirt daoine air Cuairt Nàdar Ghàidhlig ann an Garraidhean Fuarain Phàislig.

Thathas a' cur air dòigh bùithtean-obrach far am bi an neach-ciùil traidiseanta Evie Waddell a' toirt aoigheachd do chleasaichean bodhair aig tacharas air a bheilear a' gabhail Fàilte gu British Sign Language (BSL).

Thèid seinn Ghàidhlig agus dannsa ceum traidiseanta a theagasg le eileamaidean de chànan soighnichte na chois. Bidh taisbeanadh san talla-bhaile air an oidhche.

Tha oidhirp ga dhèanamh cuideachd aire a thoirt do chultaran eile. Bidh Sgoil nan Cultaran Afraganach a' toirt aoigheachd do luchd a' Mhòid agus do mhuinntir na sgìre airson cèilidh iomadh chultarach far an cluinnear sgeulachdan ann an cànanan dùthchasach, measgaichte le Gàidhlig.

Raibeart Robasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Bhuannaich Raibeart Robasdan Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich an turas mu dheireadh a bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig ann an 2013

Mar is tric tha am Mòd a' tighinn gu ceann air an dàrna Disathairne le Caithream nan Còisirisean, ach am bliadhnasa bidh tachartasan eile ann an là sin le Fèis Phàislig a' cur air dòigh Ceilidh Teaghlaich Spooky Samhain agus cuirm mhòr leis a' chòmhlan Niteworks.

Bidh tòrr de na tachartasan àbhaisteach eile a' dol air an iomall cuideachd.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha dha-rìribh rudeigin do gach neach ann am prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ambliadhna, a’ sealltainn farsaingeachd is saidhbhreas do-chreidsinneach cànan is cultar na Gàidhlig tarsainn aoisean air fad.

"Bho fheadhainn bheaga a’ dol an sàs anns a’ chànan airson a’ chiad uair, gu na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san dùthaich, tha Pàislig deiseil airson fàilte a chur air na mìltean de dhaoine san Dàmhair. "