Cunnart gun tèid an t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a chur dheth uile gu lèir

- Air fhoillseachadh
Dh’fhaodadh gun tèid an t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a chur dheth uile gu lèir an ath-bhliadhna.
Tha sin a rèir Chomhairle nan Eilean Siar, a thuirt gun tèid an t-seirbheis a ghearradh bhon ath mhìos bho thrì là, gu dà là san t-seachdain.
Chan eil ach aon turas san là ri fhaighinn airson cuid de na làithean nuair a tha seirbheis ga toirt seachad air an ath mhìos.
Thuirt a' Chomhairle nach b’ urrainn dhaibh tuilleadh subsadaidh de chòrr is £600,000 sa bhliadhna a chumail ris an t-slighe, agus gu bheil iad air taic iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil e air crìonadh fhaicinn san t-seirbheis adhair a bhios a’ frithealadh Uibhist airson bhliadhnaichean;
“Chaill sinn bho chionn grunn bhliadhnachan air ais an t-seirbheis a bh’ ann eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla. Agus tha an t-seirbheis eadar Uibhist agus Steòrnabhagh air crìonadh a h-uile bliadhna.
“Tha an t-ionmhas a tha a' chomhairle a' faighinn bhon Riaghaltas air fuireach aig an aon àireimh bho chionn bhliadhnachan. Tha cosgaisean a thaobh itealain Loganair air a dhol suas gu mòr anns na bliadhnachan a chaidh seachad, agus gu h-àraid anns an dà bhliadhna mu dheireadh.”

Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan
Bha dragh cuideachd air a' Chomh. Robasdan mun bhuaidh a bheir seo air euslaintich ann an Uibhist, a dh’fheumas cùram slàinte fhaighinn ann an Leòdhas.
“An rud as cudromaiche mun t-seirbheis an seo, tha e feumail don fheadhainn a tha a' siubhal don ospadal an Steòrnabhagh. Tha a' mhòr chuid a tha a' cur feum air an t-seirbheis, 's e feadhainn a tha a’ dol chun an ospadail.”
Tha dragh ann cuideachd gum bi e nas duighle do dh’euslaintich faighinn dhan ospadal air tìr-mòr.
“Tha an t-aonta a th' ann an-dràsta eadar Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, ‘s ann le Inbhir Nis a tha e. Tha gu leòr ann an Uibhist, bhiodh e na b' fhasa dhaibh a dhol a Ghlaschu far a bheil seirbheis itealain nas làidire agad, dà thuras anns an là.
“Feumaidh sinn 's dòcha iomairt gu math nas làidir a dhèanamh anns a’ bhliadhna a tha romhainn. An cùmhnant a th’ againn an-dràsta, chan eil e ach gu deireadh a’ Mhàirt an ath-bhliadhna. Agus às dèidh sin, dh’fhaodadh nach bi seirbheis idir ann eadar Uibhist agus Leòdhas”, thuirt An Comh. Robasdan.
Thuirt Còmhdhail Alba gur ann air Comhairle nan Eilean Siar a tha an dleastanas airson nan seirbhisean adhair taobh a-staigh nan Eilean. Thuirt iad gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ris an t-seirbhis eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla tro shubsadaidh do HIAL, agus gu ìre cuideachd le taic do Chomhairle nan Eilean Siar tro Aonta nan Ùghdarrasan Ionadail.
Iomagain
Thuirt am Ball-pàrlamaid Albannach Làbarach airson na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd gun robh an naidheachd seo fìor dhuilich.
"Gach seachdain tha mi a' fàs nas iomagainiche mu na coimhearsnachdan againn air feadh nan eilean, 's mar a tha Riaghalts na h-Alba gam fàiligeadh.
"Tha an gearradh seo anns an t-seirbheis air tàilleabh ghearraidhean bho Riaghaltas na h-Alba.
"'S e seirbheis dheatamach a tha seo. Tha daoine feumach air airson faighinn dhan ospadal. Feumaidh an riaghaltas rudeigin a dhèanamh airson taic a chumail ris a' chomhairle airson an t-seirbheis a dhèanamh seasmhach", thuirt i.