Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Siria
Ghabh a' bhuidheann Ioslamach a chur ruaig air a' Cheann-suidhe Assad ann an Siria smachd air baile mòr eile, Deir Ezzor, air taobh sear na dùthcha sa bheil mòran de bheartas ola Shiria. Thuirt am prìomh mhinistear a tha os cionn an riaghaltais ùir eadar-amail, Mohammed al-Bashir, gu bheil e airson sìth agus seasmhachd a stèidheachadh.
Seirbheisean màthaireil
Tha athaisg, air an d' fhuair am BBC sealbh, ag ràdh gur e cion luchd-obrach agus cultar puinnseanta a bu choireach gun do dh'fhulaing màthraichean agus leanabain aig ionad màthaireil Infiormaraidh Rìoghail Dhùn Èideann. Dh'iarr NHS Lodainn an aithisg an dèidh do neach-obrach gearan riutha agus thog luchd-obrach a' chùis leis a' BhBC an dèidh bàs màthar san ionad san t-Sultain. Thuirt NHS Lodainn gu bheil ath-sgrùdadh ann air a' bhàs sin, agus gu bheil iad a' dèiligeadh ris na rudan eile air an do thog an aithisg.
Dochann san dachaigh
Dh'innis Poileas Alba gun robh àrdachadh 11% ann an eucoir dochann san dachaigh eadar an Giblean agus an Sultain. Bha aithris ann air còrr air 20,000 cùis san ùine sin agus tha dragh ann gu bheil mòran chùisean eile nach eil a' tighinn gu aire nam poileas. Tha na poilis a' dèanamh iomairt fad sia seachdainean air na meadhanan sòisealta ag iarraidh air feadhainn a tha ri eucoir den t-seòrsa taic iarraidh air loidhne fon a' charthannais, Respect.
Linne Shalmhaigh
Dh'innis poilis gun d' fhuair iad corp air cladach Linne Shalmhaigh far an robh boireannach air chall. Chuir Shona Chaimbeul, 74, fios air fòn-làimhe feasgar Diluain gu robh i glacte sa pholl air an tràigh. Thuirt na poilis nach deach aithne fhoirmeil a dhèanamh fhathast ach gun do chuir iad fios air a teaghlach.
Bile nan Cànanan Albannach
Tha Bile nan Cànanan Albannach a' tilleadh gu Pàrlamaid na Alba an-diugh. Tha Comataidh an Fhoghlam aig Holyrood a' deasbad nan atharrachaidhean a thathas a' moladh sa Bhile a tha aig an dàrna ìre de thrì air an t-slighe gu a stèidheachadh mar Achd. Tha luchd-iomairt às leth na Gàidhlig ag ràdh nach eil susbaint gu leòr ann.