Dràibhear bhana a theich a làraich tubaiste air an A82 ga lorg

Soidhne tubaist nam poileas
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a dh'fhalbh dràibhear bhana à làraich tubaiste le càr air an A82 faisg air Obair Itheachan air an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist mu 5.00f feasgar na Sàbaid eadar bhana Mercedes Vito dubh agus Volkswagen Golf glas.

Chaidh dràibhear a' Gholf, boireannach aois 49, a thoirt dhan ospadal airson cùraim.

Ged a chaidh a goirteachadh tha na poilis ag ràdh nach eil i ann an cunnart a beatha.

Thuirt iad gun do stad dràibhear a' bhana pìos air falbh bho làraich na tubaiste ach gun do dh'fhalbh iad.

Tha na poilis airson bruidhinn riutha.

Thuirt an Conastabal Scott Mac a' Ghobhainn: "Tha mi ag iarraidh air dràibhear a' bhana dhuibh seo a thighinn air adhart cho luath 's a ghabhas.

"Bidh fios aca gun robh iad an sàs ann an tubaist agus tha a h-uile coltas gum bi an carbad air a mhilleadh.

"Tha mi cuideachd ag iarraidh air daoine a bh' air an A82 aig an àm agus a chunnaic na thachair fios a chur oirnn.

"Ma tha dealbhan dashcam agaibh, an tèid agaibh air sùil a thoirt orra agus a thighinn a bhruidhinn rinn ma tha càil ann a a dh'fhaodadh a bhith feumail dhuinn."

Foadar fios a chur air Poileas Alba air 101 le àireamh na cùise 2307 24mh den t-Samhain, 2024.