Taic-airgid do sheann daoine san Eilean Sgitheanach is Ratharsair

Seann Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port RìghTùs an deilbh, Richard Dorrell/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha carthannas anns an Eilean Sgitheanach a' tabhainn taic-airgid air buidhnean a tha ag obair a chùm maith seann daoine anns an Eilean agus ann an Ratharsair ma chuireas iad a-steach air a shon.

Tha Comataidh Shochairean Seann Daoine an Eilein Sgitheanaich air stòr-airgid fhosgladh, agus iad an dòchas gum mair an stòr grunn bhliadhnaichean, do sheann daoine san eilean fhèin agus ann an Ratharsair.

Chaidh a' chomataidh a stèidheachadh an toiseach ann an 1954, agus iad am-bliadhna a' comharrachadh 70 bliadhna.

Chaidh an t-airgead sa mhaoin a tha iad a-nis air fosgladh - faisg air £140,000 - a thogail san sgìre airson dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh a leasachadh, ach cha deach an t-airgead a chleachdadh air a' cheann thall.

Thug a' bhuidheann Crossreach a bha a' ruith na dachaigh an t-airgead don Chomataidh mar Mhaoin a' Bhugha Mhòir nuair a dhùin an dachaigh ann an 2022.

Faodaidh buidhnean a tha ag obair a chùm maith seann daoine anns an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair cur a-steach airson taic bhon mhaoin.

Gheibhear suas ri £5,000, ach thathas a' sùileachadh gum bi suimean den mheud sin air an cur mu choinneimh maoineachaidh cho-ionnain.

Chan fheum maoineachadh co-ionnan a bhith ann airson suimean suas gu £500.

Thèid tachartas poblach a chumail Disathairne airson làrach-lìn oifigeil na maoine a chur air bhog.

An cois an tachartais bidh taisbeanadh de dhealbhan agus nithean a chomharrachadh 70 bliadhna de dh'obair na comataidh.

Thèid sin a chumail an cois Coinneimh Bhliadhnail na Comataidh ann an Taigh na Drochaid ann am Port Rìgh, a' tòiseachadh aig 2:00f.