Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Iasad Riaghaltais

Tha aonta ùr le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a’ toirt cead do Riaghaltas na h-Alba a dhà uimhir de dh’airgead a ghabhail air iasad. Tha seo a’ tachairt an dèidh ath-sgrùdadh air na bunaitean fiosgail air a bheil buidseat Holyrood stèidhichte. Bheir e cead do Riaghaltas na h-Alba iasad airson chosgaisean làitheil a dhùblachadh bho £300m sa bhliadhna, gu £600m. Chuir an dà riaghaltas fàilte air an aonta ùr.

Dòmhnall Trump

Tha casaidean ùra an aghaidh Dhòmhnaill Trump co-cheangailte ri oidhirp air cur às de bhuil an taghaidh ann an 2020. Tha ceithir chasaidean an aghaidh an t-seann Chinn-Suidhe, a tha ag iomairt airson tilleadh dhan Taigh Gheal. Tha Mgr Trump a’ dol às àicheadh nan casaidean, agus tha dùil ris aig èisteachd cùirte ann an Washington DC a-màireach.

An Ucràin

Tha aithrisean a’ tighinn às an Ucràin gun do rinn ionnsaigh Ruiseanach milleadh mòr air port air Abhainn Danube. Tha an Ucràin air a bhith a’ cleachdadh na slighe sin airson gràn a chur a-mach às an dùthaich bho dhùin an Ruis slighe dhaibh tron Mhuir Dhuibh. Thuirt an Kremlin an-diugh gu bheil iad deònach tilladh gu còmhraidhean mun aonta sin cho fad ‘s gun tèid dèiligeadh ri draghan na Ruis.

Bàirdse

Tha coltas gum bi an ath-sheachdain ann mus gluais luchd-siridh comraich dhan bhàirdse am Bibby Stockholm ann an Dorset. Tha Oifis na Dùthcha ag ràdh nach eil dad ceàrr air sàbhailteachd teine air an t-soitheach. Ach tha Aonadh an Luchd-smàlaidh ag ràdh gum bi iad a’ sgrìobhadh dhan Riaghaltas an dèidh dha am ballrachd dragh a thogail leotha.

Coimhearsnachdan Dùthchail

Tha crìonadh-sluaigh, dìth taigheadais agus cosgaisean connaidh am measg nan rudan as dorra ann an sgìrean dùthchail agus iomallach na h-Alba a rèir aithisg a dh’ullaich Colaiste Dhùthchail na h-Alba do Riaghaltas na h-Alba. Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gun cuidich an aithisg le plana agus poileasaidh an Riaghaltais dhan na sgìrean sin.

Rothaireachd

Thuirt stiùirichean Farpaisean Rothaireachd na Cruinne gum faodadh an tachartas cho mòr ri £70m a chur ri eaconomaidh na h-Alba. Tha na farpaisean, fad deich là, a’ tòiseachadh a-màireach. Bidh mu 8,000 farpaiseach ann bho air feadh an t-saoghail.