Thèid soitheach ChalMac ainmeachadh ann am bhòt phoblach

Dreach neach-ealain de Shlige 802
- Air fhoillseachadh
Tha CMAL ag iarraidh air a' phoball an cuideachadh ann a bhith a' taghadh ainm airson Slige 802, aon de na soithichean a thathar a' togail ann an Gàradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh.
Bidh an dà shoitheach air seirbheis Eilean Arainn.
Dh'fhoillsich a' chompanaidh aiseig geàrr-liosta de dh'ainmean an dèidh bruidhinn ri eileanaich agus coimhearsnachdan ionadail.
Tha ceangal aig na h-ainmean ri dualchas agus cruth-tìre na h-Alba:
Glen Cloy - gleann beag air taobh sear Arainn
Glen Rosa - gleann faisg air Gaoitbheinn ann an Arainn
Claymore - an claidheamh mòr
Bidh cead aig duine sam bith bhòtadh airson an t-ainm as fheàrr leotha.
Tha connspaid mhòr air a bhith a' cuairteachadh obair-togail nam bàtaichean.
Cosgaidh iad còrr is £300m, còrr is trì uimhir na bha dùil, agus tha iad gu bhith co-dhiù sia bliadhna air dheireadh.
Tha dùil gun tèid an soitheach ùr a chur air bhog aig deireadh 2023 agus gun tèid i ann an seirbheis ro dheireadh 2024.
Tha a' bhòt fosgailte chun an 24mh den Lùnastal agus bidh cothrom aig luchd-bhòtaidh farpais a bhuannachadh airson tiocaid seòlaidh air ais is air adhart an-asgaidh do cheathrar agus aon chàr.