Ionad dualchais is cafaidh san amharc aig Port Àird nan Saor

Geàrr-shealladh
Tha planaichean mòra ann Port Àird nan Saor ath-bheòthachadh
Thathas a' coimhead an-dràsta ri inntrigeadh aig an làraich
Tha plana ann cafaidh is ionad dualchais a thogail
Rachadh stòiridh a' ghàrraidh innse ann
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun tèid ionad dualchais is cafaidh a thogail aig Port Àird nan Saor mar phàirt den phròiseict gus ath-bheòthachadh a thoirt air a' ghàrradh.
Bha na mìlltean ag obair aig an làraich anns na 70an a' togail chlàran-ola, ach tha e air a bhith a' laighe falamh fad còrr is 20 bliadhna.
A-nise tha planaichean mòra ann gus an gàrradh a stèidheachadh às ùr mar ionad far an rachadh crainn-gaoithe aig muir a thogail, a bharrachd air a bhith a' dìth-choimiseanadh seann uidheamachd ola 's gas.
Thòisich dreideadh mar-thà is thathas an dòchas air a' cheann thall gun tèid na ceudan de dh'obraichean a chruthachadh aig an làraich.

'S ann a tha planaichean a thèid a dheasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadaoin seo tighinn, taobh a-muigh a' coimhead ri inntrigeadh aig an làraich, le cearcall-rathaid ùr agus àite do bhusaichean.
A thuilleadh air sin, rachadh cafaidh a thogail agus ionad dualchais, far am biodh stòiridh a' ghàrraidh thar nam bliadhnaichean air innse tro dhealbhan is taisbeanaidhean.
Thathas a' moladh do chomhairlichean cead a thoirt seachad.