Dòchas gun till an LOTI tràth

CalMac
  • Air fhoillseachadh

Tha dòchas ann gun till seirbheis aiseig Uibhst a Deas beagan nas tràithe na bha dùil.

Thuirt àrd-oifigear ChalMac, Robbie Drummond, gu bheil an MV Finlaggan air a slighe air ais a dh'Ìle an dèidh a bhith san doc.

Leigidh sin leis an MV Lord of the Isles a dhol air ais dhan t-slighe eadar Loch Baghasdail agus Malaig ro Dhisathairne mar a bha dùil.

Chaidh a toirt air falbh bho shlighe Uibhist a Deas aig toiseach na mìos seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo