Naidheachdan 11:00

Fo-thiotal,

Geàrr-chunntas air naidheachdan na maidne

  • Air fhoillseachadh

An Ucràin

Thuirt àrd-oifigeach aig na Dùthchannan Aonaichte gun tig buaidh mhòr mhaireannach à sgrios dàm ann an ceann a deas na h-Ucràin. Tha na mìltean mòra dhaoine air falbh às an sgìre, a tha fo uisge an dèidh dhan dàm air Abhainn Dnipro bristeadh. Thuirt am Prìomhaire, Rishi Sunak, ma thèid dearbhadh gur e an Ruis a thug ionnsaigh air an dàm gu bheil Moscow air teàrnadh gu ìre ìosal sa chogadh.

Bàs balaich

Tha poileas a' rannsachadh bàs balaich,14, an dèidh tachartas aig Acadamaidh an Naoimh Ceanntigearn ann am Blackburn, air Taobh Siar Lodainn feasgar an-dè. Chaidh an gille a thoirt dhan ospadal, ach chaochail e goirid an dèidh sin.

Poileas

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh atharrachadh san lagh a leigeadh le rannsachadh mu dhol a-mach oifigearan poileas a dhol air adhart, ged a leigeadh iad dhiubh an dreuchd. Bhon riaghailt a tha ann, tha rannsachadh a' sguir aon uair 's gum fàg oifigear. Ma ghabhas Pàrlamaid na h-Alba ris, chuireadh e Alba air an aon seasamh ri Sasainn agus ris a’ Chumrigh.

Drugaichean

Tha rannsachadh bho Oilthigh Chailleanach Ghlaschu ag ràdh gun robh àrdachadh còrr is trì tursan air an deich bliadhna mu dheireadh air bàs an Alba am measg dhaoine a tha glaicte fo bhuaidh dhrugaichean opioid. Thuirt an aithisg gu bheil an ìre am measg fheadhainn nach eil a' faighinn taic leis an trioblaid trì tursan gu leth nas motha na feadhainn a tha. Ach bha an ìre nas motha thar gach aois agus tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil sin a' cur taic ris a' bheachd nach eil ceangal eadar àireamh fìor àrd bàs dhrugaichean na h-Alba ri luchd-cleachdaidh a' fàs nas sine.

NHS

Tha dragh air na h-aonaidhean mun uimhir airgid a tha an NHS an Alba a’ cosg air luchd-obrach eadar-amail. Tha figearan a' sealltainn gun deach leth billean not a chosg orra sin air a’ bhliadhna dhan Mhàirt, an treas cuid a bharrachd air a’ bhliadhna ron sin. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach barrachd a chosg air luchd-obrach eadar-amail aig àm a' phandemic, ach gu bheil dùil gun tuit a’ chosgais sin a dh'aithghearr.

Gàidhlig

Tha aithisg a rinneadh do Riaghaltas na h-Alba stèidhichte air beachd an t-sluaigh ag ràdh gum chòir do phàrantan còir laghail fhaighinn air foghlam Gàidhlig. Thèid geàrr-chunntas air freagairtean do cho-chomhairle air Bile nan Cànanan Albannach fhoillseachadh an-diugh. Tha dùil gun tèid bile ùr a chur gu Pàrlamaid na h-Alba as t-fhoghar.