A83 fosgailte às ùr an dèidh maoime-slèibhe

- Air fhoillseachadh
Dhearbh BEAR Scotland gun do dh' fhosgail an A83 às ùr eadar an Tairbeart agus Inbhir Aora ann an Earra-Ghàidheal aig 3:00f Diciadain.
Tha an earrann sin den rathad air a bhith dùinte bho Dhisathairne nuair a thàinig maoimtean-slèibhe a-nuas air ann an Gleann Chonghlais agus cuideachd aig an Rest and Be Thankful ann an Gleann Chrò.
Ghluais sgiobannan BEAR còrr air 12,000 tunna de sprùilleach mar phàirt den iomairt airson an rathad a ghlanadh, a thuilleadh air oir nan rathaidean agus drèanaichean a ghlanadh a-mach.
Thug uisge trom oidhche Haoine agus Disathairne buaidh mhòr air rathaidean na dùthcha.
Thàinig uisge ris am biodh dùil ann am mìos iomlan a-nuas air an sgìre mun A83, mu 160mm, ann an dìreach 36 uairean de thìde, ag adhbharachadh seachd maoimtean-slèibhe.
Bidh sgiobannan bho BEAR Scotland an làthair a' cumail sùil air an t-suidheachadh an dèidh dhan rathad fosgladh às ùr feasgar Diciadain.