Bacain Sràid na h-Acadamaidh gus falbh

Sràid na h-Acadamaidh
  • Air fhoillseachadh

Thèid bacain-rathaid a chaidh a chur suas air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis a thoirt air falbh an ath-sheachdain.

Chaidh na bacain a chur ann tìde a' phandemic airson an t-sràid a dhèanamh nas fheàrr do luchd-coiseachd.

Bha dùil aig Comhairle na Gàidhealtachd atharrachaidhean buan a thoirt air an t-sràid, ach thàinig orra an cùl a chur ris a' phlana an dèidh do Chùirt an t-Seisein riaghladh nach deach co-chomhairleachadh iomchaidh a dhèanamh.

Bha dragh air gnothachasan air Sràid na h-Acadamaidh gun toireadh casg air càraichean air an t-sràid droch bhuaidh orra.

'S e Sràid na h-Acadamaidh an t-seachdamh sràid as miosa an Alba airson truailleadh adhair, a rèir rannsachaidh.

Thuirt oifigich na comhairle gun tòisichear air na bacain a thoirt air falbh Diluain, 's gu bheil dùil gum bi an obair deiseil ro dheireadh na seachdain.