Tha "Bairns' Hoose" gu bhith sna h-Eileanan an Iar

Bairns' Hoose
  • Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd gu bheil an sgìre am measg sia àiteachan ann an Alba far an tèid "Bairns' Hoose" a stèidheachadh mar phàirt de sgeama phìleateach.

Bidh na taighean a' toirt taic shònraichte do chloinn a dh'fhuiling droch-dhìol agus ionnsaighean feiseil, agus do chloinn a tha fon aois far an urrainnear an toirt gu lagh airson dol a-mach a rinn cron.

'S e àite sàbhailte a bhios sa Bhairns' Hoose do dhaoine òga far an tèid aca air fianais a thoirt seachad le bhith ga chlàradh ro làimhe seach a dhol gu stèisean poilis neo gu cùirt.

Tha an sgeama pìleatach stèidhichte air a' mhodail Barnehus a th' aca ann an Nirribhidh.

Bairns' Hoose
Fo-thiotal an deilbh,

Taobh a-staigh a' Bhairns' Hoose air taobh siar na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba air £6m a thoirt seachad airson nan sia Taighean Chloinne.

A bharrachd air na h-Eileanan an Iar, bidh iad ann am Fìobha, Srath Chluaidh a Tuath, Siorrachd Obair Dheathain, Baile Obair Dheathain agus Taobh Tatha.

'S e Àrd-oifigear Roinn na h-Obrach Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Jack Libby, a bhios an urra ris an t-seirbheis sna h-eileanan.

"Gu pearsanta bha mi a-riamh airson seirbheisean mar seo a tha a' dion chloinne a bhith san aon togalach.

"Gu taingeil, chan eil mòran dhaoine òga againn san t-suidheachadh seo, ach tha e air leth cudromach gu bheil sinn a' coileanadh ar dleastanasan reachdail a thaobh a bhith gan dìon."