Rathad Ealaghoil dùinte le maoim-slèibhe

Rathad dùinte
  • Air fhoillseachadh

Tha rathad am B8083 eadar an t-Àth Leathann agus Ealaghol anns an Eilean Sgitheanach dùinte le maoim-slèibhe.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do ghluais mu 200 tunna de pholl is creig os cionn an rathaid faisg air Cille Mo Ruaidhe.

Tha sin a' gearradh dheth bhailtean mar Ealaghol, Glas na Cille agus an Draoighnean.