Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Dùn Èideann

Thèid Seudraidh agus Urraman Rìoghail na h-Alba a bhuileachadh air an Rìgh Teàrlach aig seirbheis ann an Cathair-Eaglais na Naomh Giles ann an Dùn Èideann feasgar. Bidh caismeachd mhòr ann ron t-seirbheis bho Chaisteal Dhùn Èideann dhan Chathair-Eaglais. Tha buidhnean poblachdach ag ràdh gum bi iad a’ togail fianais shìtheil an aghaidh na Monarcachd.

An NHS

Tha seirbheis aig Abaid Westminster ann an Lunnainn a’ comharrachadh 75 bliadhna an-diugh fhèin bho chaidh an NHS a stèidheachadh. Ach thàinig rabhadh bho thrì buidhnean sgrùdaidh nach fhaic an NHS 100 bliadhna gun tuilleadh airgid agus atharrachadh bunaiteach. Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a’ cur ri àireamh luchd-obrach na seirbheis.

Jenin

Thuirt Israel gun do chuir iad crìoch air an obair armaichte mhòir ann an Jenin air a’ Bhruaich an Iar, agus gu bheil na feachdan aca gu lèir air tarraing às. Chaidh 12 Phailistinianach agus saighdear Israelach a mharbhadh bho thòisich an ionnsaigh Diluain.

Rinn Friù an Ear

Thàinig e am follais nach do dh’iarr ach dithis àite ann an aonad Gàidhlig ùr air iomall Ghlaschu. Thuirt Comhairle Rinn Friù an Ear gun robh dùil aca ri còignear, ach gur e dithis a th’ air clàradh aig an aonad aig Bun-sgoil Thornleabank. Thuirt a’ Chomhairle gun robh a h-uile dùil aca ri barrachd iarrtais fhathast, agus gum bi na h-àireamhan a’ fàs.

Atharrachadh na Gnàth-Shìde

Tha pàipear riaghaltais air an d’ fhuair am BBC sealladh a’ tighinn dhan cho-dhùnadh nach cùm Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri gealltanas gun toireadh iad còrr is £11.5bn gach bliadhna do dhùthchannan bochda airson an cuideachadh le strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha am pàipear ag ràdh gur e dùbhlan ro mhòr a th’ ann tighinn air an targaid sin ro 2026.