"Taic riaghaltais nas fheàrr a dhìth air ghnothachasan aig tuath"

Airgead
  • Air fhoillseachadh

Tha gnothachasan beaga air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan feumach air taic nas fheàrr on Riaghaltas agus na h-uimhir de dhùbhlain fhathast romhpa, a rèir Co-Chaidreachas nan Gnothachasan Beaga (FSB).

Rinn a' bhuidheann suirbhidh am measg còrr air 600 gnothachas air feadh na dùthcha, cha mhòr 200 air a' Ghàidhealtachd nam measg, na bu thràithe am-bliadhna.

Tha cosgaisean bith-beò, gainnead luchd-obrach, agus mì-chinnt mu mhalairt uile a' toirt buaidh, tha iad ag ràdh.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh na buidhne airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dàibhidh Richardson, gun robh iad a' coimhead ri mar a chaidh do ghnothachasan thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

B' e dìreach sia gnothachasan a-mach à deich air a' Ghàidhealtachd an-uiridh a chunnaic àrdachadh san tionndadh-airgid aca, no nach fhaca diofar, an taca ri trì chairteal dhiubh air a' bhliadhna ron sin.

Cha b' ionnan cùisean anns gach pàirt den sgìre ge-tà, thuirt e.

"Is coltach gun do rinn gnothachasan sa cheann a tuath, mun NC500, beagan na b' fheàrr na an còrr," thuirt e.

"Tha corra adhbhar airson sin, ach saoilidh mi gur e an NC500 fear dhiubh.

"B' e droch bhliadhna a bh' ann an 2020 dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, leis a' Ghlasadh, 's bheir sin buaidh air eaconomaidh a tha a' crochadh gu mòr air luchd-turais.

"Bha 2022 ge-tà, sa bhitheantas, na b' fheàrr, leis nach robh an sluagh air a ghlasadh 's chaidh aig daoine air tighinn gu tuath.

"Am-bliadhna, a rèir 's na chaidh innse dhuinn, sa bhitheantas b' ann gu slaodach a thòisich a' bhliadhna.

"Leis an atmhorachd, feumaidh tu fada a bharrachd airgid a thoirt a-steach mu choinneimh sin, agus an uairsin prothaid a dhèanamh.

"Tha a h-uile duine ann an gnothachas a' bruidhinn mu chosgais mhòr a' chumhachd, ìrean rèidh, bun-stuthan, agus gu dearbha cosgaisean luchd-obrach.

"Tha iad seo uile a' toirt buaidh. Mar sin, ged 's dòcha gu bheil barrachd ga reic, 's e na tha dha-rìribh gu diofar, mar a tha prothaidean - 's chan eil iad math," thuirt e.

Luchd-obrach

Tha gainnead luchd-obrach a' sìor fhàs nas miosa, a rèir an FSB.

"Ma thèid thu air ais gu 2016, bha an treas cuid de ghnothachasan san Eilean Sgitheanach gann de luchd-obrach," thuirt e.

"Ann an 2017, bha 37% de ghnothachasan a tha stèidhichte ann an eileanan fon aon seòrsa buaidh.

"Ann an 2021, cha mhòr an dàrna leth - 47% de ghnothachasan air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

"B' e 57% a bh' ann an-uiridh.

"Chan eil cùisean air an t-slighe cheart idir.

"57% air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an taca ri 45% anns a' chòrr de dh'Alba.

"Tha sinne gu h-àraid dualtach tighinn fon leithid de bhuaidh an seo, agus tha rannsachadh a' sealltainn, mar as iomallaiche an sgìre, 's ann as miosa a tha an trioblaid le luchd-obrach.

"Chuala mise mu bhalach aois 14 ga phàigheadh £10 san uair ann an aon àite, 's àite eile ag iarraidh air tighinn a dh'obair dhaibhsan air £11 san uair.

"Tha daoine ann an èiginn.

"Am-bliadhna, tha mòran thaighean-òsta is thaighean-bìdh nach eil a' tabhainn diathaid. Chan eil de luchd-obrach aca a nì sin," thuirt e.

Riaghailtean

Sheall an rannsachadh cuideachd rud a chuir iongnadh air a' bhuidhinn, 's riaghailtean nas teanna air gnothachas a' dèanamh dragh do luchd-gnothaich.

"'S e as motha a tha a' toirt buaidh ach cosgais a' bhith-beò. Sin fìor air feadh na h-Alba," thuirt Mgr Richardson.

"Ach san dàrna àite air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan - 's chuir seo iongnadh oirnn - tha mar a tha barrachd riaghailtean ga chur air gnothachas.

"Chaidh an t-suirbhidh seo a dhèanamh air a' Gheamhradh nuair a bha leithid sgeama tillidh nam botal, màl airson ùine ghoirid, cìs an luchd-tadhail sealaich, smachd air sanasachd deoch-làidir uile ga dheasbad. Bha iad uile sna meadhanan.

"Còmhla, tha iad a' toirt buille mhòir do ghnothachasan agus tha iad a' cur bacadh air fàs agus in-ionmhas.

"Tha sin uabhasach cunnartach.

"Feumaidh an Riaghaltas obrachadh nas dlùithe le gnothachasan feuch nach tachair seo tuilleadh," thuirt e.