Mì-chinnt fhathast mu bhuaidh ionnsaigh shaidhbeir air CNES

Ionnsaigh bathar-èirigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chan eil fhios fhathast dè cho mòr 's bha a' bhuaidh a thug ionnsaigh shaidhbeir air na siostaman IT aig Comhairle nan Eilean Siar.

Tha fios ann ge-tà, nach deach e an sàs anns a h-uile siostam aig an ùghdarras ionadail agus gu bheil cuid de dhàta tèarainte.

Mar eisimpleir, tha fiosrachadh airson obair shòisealta agus sgoiltean air a chumail air lìonra eadar-dhealaichte.

Thuirt iad gu bheil iad fhathast a' tomhas an t-suidheachaidh a thaobh dàta phearsanta eile.

Comhairle nan Eilean SiarTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Gheall Comhairle nan Eilean Siar gun cùm iad taic ri daoine fhad 's a tha iad a' sireadh fuasglaidh

Ach tha trioblaid air a bhith ann le airgead a bhios a' Chomhairle a' pàigheadh a-mach.

Cha d' fhuair cuid airgead Self Directed Support neo SDS, sochair do dhaoine ciorramach, Diardaoin mar a bha còir.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil trioblaid air a bhith aca a' pàigheadh chunntasan do dhaoine agus companaidhean a tha a' dèanamh obrach dhaibh.

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar Diciadain gur e ionnsaigh bhathair-èirig, neo ransomware, a bh' ann, le eucoirich a ghlais na siostaman IT aca.

Tha a' Chomhairle, Poileas Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Ionad Nàiseanta na Tèarainteachd Saidhbeir a' rannsachadh na thachair.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad a' tuigsinn mar a bheireadh seo buaidh air daoine a tha an eisimeil an airgid seo, agus gun cumadh iad fios agus taic ri daoine fhad 's a tha iad a' sireadh fuasglaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo