8 bliadhna sa phrìosan do dh'fhear a bha a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe 's a dh'fhàg dithis marbh

Chaidh Ionatan Graham agus Jasmine Herron fhàgail marbh aig làrach na tubaiste
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear a chur dhan phrìosan airson 8 bliadhna às dèidh mar a dh'fhàg e dithis a bhàsaich 's iad air a bhith a' siubhal còmhla ris nuair a chaidh an càr aige far an rathaid faisg air Ceann Loch Gilp.
Chaidh Ionatan Graham agus Jasmine Herron a mharbhadh nuair a chaidh an tilgeil às a' chàr aig Jordan Lawrence.
Bha Jordan Lawrence, 25, air a bhith ag òl leanna, uisge-bheatha, vodka agus din aig pàrtaidh san Fhaoilleach 2020.
Dh'fhalbh e às an sin le Ionatan Graham, 37, agus a bha na àrd-gheamair air Oighreachd Ormasairigh, agus Jasmine Herron a bha 19 bliadhna de dh'aois.
Chaidh an càr aige far an rathaid, deas air Ormasairigh, agus theich esan a' fàgail an dithis eile marbh aig làrach na tubaiste.
Teicheadh
Fhuair na poilis lorg air aig an taigh às dèidh do neach-fianais, Seumas Reid, an càr fhaighinn air a dhroch mhilleadh air a' chladach ri taobh am B8024 agus cuirp an dithis faisg air làimhe.
Thuirt Leas Neach-casaid a' Chrùin gur ann airson a bhith sòbair nuair a nochdadh na poilis an aon adhbhar a theich Jordan Lawrence dhachaigh.
Thuirt am britheamh, am Morair Beckett, gun robh na thachair air sgrios uamhasach a dhèanamh air na teaghlaichean aig Mgr Graham agus Jasmine Herron 's nach robh roghainn eile aige ach binn prìosain ochd bliadhna a chur air Lawrence.