Còraichean daonna gam bacadh aig tuath?

An t-Eilean SgitheanachTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Thòisich Coimisean Albannach nan Còraichean Daonna rannsachadh mu mar a tha dìth taigheadais, bochdain connaidh agus duilgheadasan faighinn gu seirbhisean slàinte a' toirt buaidh air muinntir na Gàidhealtachd.

Tha dùil ri aithisg a thèid mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba as t-Earrach.

Chuir Coimisean Chòirichean Daonna na h-Alba aithisg mu choinneimh an UN ann an Geneva na bu thràithe air a' bhliadhna a bha a' togail dragh mu ghrunn chùisean ann am pàirtean iomalach de dh'Alba.

Tha a' bhuidheann air cur romhpa fiosrachadh a chruinneachadh bho choimhearsnachdan, buidhnean carthannais, ùghdarrasan ionadail agus buill-phàrlamaid ann an grunn àitichean air Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Thèid coinneamhan aghaidh ri aghaidh a chumail suas gu meadhan na Samhna.

Thuirt iad gum faodadh bacadh a bhith air còraichean daonna mhuinntir nan sgìrean seo.

Thuirt ceannard a' phròiseict don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, Luis Yanes, gu bheil e cudromach dhaibh èisteachd ri daoine bho fharsainneachd na dùthcha.

Thèid na coinneamhan a chumail mar a leanas:

Lèaruig, Sealtainn, 23mh – 24mh an Damhair.

Kirceabhall, Arcaibh, 26mh – 27mh an Damhair.

Inbhir Theòrsa, 30mh an Damhair.

Inbhir Ùige, 31mh an Damhair.

Inbhir Pheofharain, 1mh an t-Samhain.

Inbhir Nis, 2na an t-Samhain.

Eilginn, 2na an t-Samhain.

Steòrnabhagh, 6mh an t-Samhain.

An Tairbeart, 7mh an t-Samhain.

Ullapul, 8mh an t-Samhain.

Port Rìgh, 9mh an t-Samhain,

Dùn Omhain, 13mh - 14mh an t-Samhain.