Mèirle an Inbhir Nis

Seacaid-poilis
  • Air fhoillseachadh

Rinn na poilis ann an Inbhir Nis tagradh 'son fiosrachaidh às dèidh mèirle ann an sgìre Bhaile a' Chnuic den bhaile.

Thachair a' mhèirle mu 06.40 madainn Dimàirt ann am pàirce chàraichean aig na bùthan ann am meadhan Bhaile a' Chnuic.

Chaidh fòn, sporan agus iuchraichean a ghoid bho fhireannach aois 56.

Thuirt na poilis nach deach an duine a ghoirteachadh gu dona, ach gun tug na thachair droch bhuaidh air.

Tha iad a' sireadh fireannaich eile ann an co-cheangal ris a' chùis.

Thuirt iad gu bheil e eadar 35 is 40 bliadhna a dh'aois, eadar còig troighean is deich òirlich agus sia troighean de dh'àirde, le gruaig ghoirid. Bha aodach dorcha air aig an àm.

Dh'innis na poilis gu bheil rannsachadh a' dol air adhart san sgìre is gu bheil iad a' coimhead ri dealbhan CCTV.

Thuirt iad gun d'fhuair iad aithrisean air dol a-mach mì-shòisealta san sgìre cuideachd, is gu bheil iad a' coimhead a bheil seo ceangailte ris a' chùis.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam brath a chur thuca, taobh a-muigh agus àireamh 0520 21/11 a thoirt seachad.