Beachdan gan sireadh air cìs-turasachd

- Air fhoillseachadh
Thòisich co-chomhairle ùr air am bu chòir cead a bhith aig comhairlean na h-Alba cìs-turasachd a chur air luchd-siubhail.
'S e Comataidh an Riaghaltais Ionadail, an Taigheadais, is an Dealbhachaidh a tha a' sireadh bheachdan mun phlana.
Nan rachadh e air adhart, bhiodh cead aig ùghdarrasan ionadail cìs ùr a chur air luchd-turais airson gach oidhche a bhiodh iad a' fuireach.
Bhiodh e an urra ris na comhairlean fhèin ìre na cìse a stèidheachadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha air air innse roimhe gu bheil iad airson cìs-turasachd a thoirt a-steach.
Thuirt a' chomataidh gu bheil iad airson cluinntinn bho ghnothachasan, buidhnean turasachd is coimhearsneachd, agus bhon phoball fhèin.
Dh'innis neach-gairm na comataidh, Ariane Burgess, gu bheil turasachd a' cur còrr is £4bn ris an eaconomaidh gach bliadhna is gu bheil e cudromach gun obraich planaichean dhaibhsan a tha an sàs sa ghnìomhachas.
Dùinidh a' cho-chomhairle, taobh a-muigh air a' 1mh den t-Sultain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2022

- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2022
