Nochd dithis sa chùirt fo chasaid muirt

Ross MacGilleBhrathTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Nochd dithis fhireannach sa chùirt ann an Inbhir Nis fo chasaid gun do mhurt iad fear anns a' bhaile.

Bha Ross MacGilleBhrath air fhaighinn aig taigh air Slighe an Naomh Fhionnain agus e air a dhorch ghoirteachadh air an 12na là den t-Samhain.

Bhàsaich e an uair sin anns an ospadal.

Nochd Craig Hayden, 28 agus a bhuinneas do dh'Alanais agus Leon Headey, 21 a bhuinneas do Liverpool air beulaibh an t-Siorraidh Eilidh Dhòmhnallaich aig Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis fo chasaid muirt.

Bha an dithis agus neach eile air Mgr MacGilleBhrath a theansachadh agus iad air a dhochan mu cheann agus mu bhodhaig.

Cha do rinn iad tagradh sam bith a thaobh na casaid sin air a eo na casaid eile - gun robh iad air feuchainn ri bacadh a chuir air ceartas le a bhith a' glanadh bothaig Mhgr MhicGhilleBhrath agus a bhith faighinn caoidhteas air aodach is rudan eile sa Chanail Chaileanach.

Chaidh fhàgail orra cuideachd gun do dh'fheuch iad ri fòn-làimhe a sgrios.

Chaidh an cumail an greim is dùil gun nochd iad a-rithist taobh a-staigh ochd làithean.