Cosgais £620,000 air sgrùdadh-luach nan aiseagan

Glen Sannox
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Glen Sannox agus Slige 802 còrr is £200m thairis air a' bhuidseit.

  • Air fhoillseachadh

Chaidh £620,000 de dh'airgead luchd-paighidh nan cìs a chosg air sgrùdadh a dhearbhadh an robh luach ann a bhith a' cur crìoch air an dà bhàt-aiseag a tha fhathast gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais.

Fhuair an sgrùdadh gum biodh e na bu shaoire sguir a dh'obair air aon de na bàtaichean - slige 802 - agus òrdugh ùr a chur a-steach aig gàrradh eile.

Ach, thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e leantainn leis an obair air a' bhàt-aiseig an dòigh as luaithe soitheach ùr fhaighinn.

Bha còir gun cosgadh an dà shoitheach, an Glen Sannox agus Slige 802, £97m ach tha iad a-nis £200m seachad air a' bhuidseat sin, agus sia bliadhna air dheireadh.

Chaidh sgrùdadh-luach a dhèanamh às dèidh do cheannard ùr a' ghàrraidh ann am Port Glaschu innse gun robh £72m a bharrachd a dhith airson crìoch a chur air an dà shoitheach.

"Fiosrachadh nas mionaidiche a dhith"

Ann am freagairt sgrìobhte do cheist bhon BhPA Tòraidheach Jamie Halcro Johnston, thuirt Rùnaire Soirbheas na h-Eaconomaidh Neil Gray gun do chosg an sgrùdadh-luach mu £620,000.

Bha seirbhisich chatharra agus luchd-comhairleachaidh neo-eisimeileach nam pàirt den eacarsaich.

Tha na Tòraidhean a' fàgail air an Riaghaltas gu bheil iad a' caitheamh airgid phoblaich.

Dh'aidich Mgr Halcro Johnston gur dòcha nach e a bhith a' leantainn le togail slige 802 an cùrsa bu mhiosa, leis gum biodh dàil mhòr a bharrachd an cois fuasgladh sam bith eile.

"Chan eil luach an airgid ann a bhith a' cosg £620,000 air sgrùdadh-luach airgid agus chan eil an seo ach breab eile do luchd-paighidh nan cìs agus eileanaich," thuirt e.

Tha am BBC a' tuigsinn nach eil àrd-oifigear MhicFheargais Daibhidh Tydeman, buileach cinnteach dè na figearan a chaidh a chleachdadh airson an t-suim de £620,000 a ruighinn.

Tha luchd-poileataigs nam pàrtaidhean dùbhlanach ag iarraidh gun tèid fiosrachadh nas mionaidiche mu na figearan bhon sgrùdadh-luach fhoillseachadh.

Thuirt Rùnaire a' Chaibineat Neil Gray gu bheil coimhearsnachdan eileanach airidh air taic bho dhà shoitheach ùr, goireasach a tha mòr agus seasmhach gu leòr gus eaconomaidh nan eilean a bhrosnachadh.

"Bha aonta soilleir thar phàrtaidh ann air a' mhìos a chaidh gur e leantainn le slige 802 an roghainn cheart, gu h-àraidh leis gur e an dòigh as luaithe na h-aiseagan riatanach seo fhaighinn chun nan coimhearsnachadan."

Thuirt e cuideachd nach robh sgrùdadh-luach a' gabhail a-steach a' bhuaidh a bhiodh aig dàil a bharrachd air na h-eileanan neo na buannachdan sòisealta agus eaconomach nas fharsainge a bha an cois a bhith a' leantainn leis an obair togail air Chluaidh.

Bu chòir gum bi an Glen Sannox deiseil airson seirbheis ro dheireadh na bliadhna, agus Slige 802 ro dheireadh 2024.