Bhàsaich fear, 85, às dèidh tubaist rathaid ann an Inbhir Sin

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist rathaid air a' Ghàidhealtachd anns an deach fireannach a mharbhadh.
Bhuail motar-baidhseagal san duine, a bha 85 bliadhna a dh' aois, air rathad an A836 faisg air Inbhir Sin ann an Cataibh.
Thachair an tubaist mu 11:30m Diciadain.
Bha am fireannach marbh mun àm a ràinig na seirbheisean èiginn.
Chaidh fear a' mhotar-bhaidhseagail, 49, a thoirt dhan ospadal.
Tha na poilis airson cluinntinn bho neach sam bith le fiosrachadh mun tachartas, a' cleachdadh na h-àireimh fòn 101.