Plana airson drochaid ann am Moireibh a' gabhail ceum air adhart

- Air fhoillseachadh
Bhòt comhairlichean ann am Moireibh airson plana gus drochaid ùr a chur an àite seann tè anns an sgìre a thoirt air adhart - ged a mhol oifigearan gun sin a dhèanamh.
Chaidh Drochaid a' Chladaich, faisg air Eilginn, a dhùnadh gu carbadan anns a' Ghearran an-uiridh leis gu bheil i ann an staid cho dona.
Fhuair an drochaid, a tha anns an roinn taghaidh aig ceannard Albannach nan Tòraidhean, Dùghlas Ros, £1.5m ann am buidseat earraich Riaghaltas Westminster, ach tha e air a mheas gun cosg an obair gu lèir mu £3m.
Chaidh an drochaid, a tha a' dol tarsainn Abhainn Losaidh, a thogail ann an 1905 agus bha dùil gu seasadh i 120 bliadhna.
Chuala comhairlichean Diciadain gun do thabhainn comhairle choimhearsnachd na sgìre £120,000 airson cùis ghnìomhachais na drochaid, a chosgas 187,000 gu lèir.
Bhòt comhairlichean 14-12 airson na planaichean a thoirt chun na h-ath-ìre.